‘S urrainn don a h-uile sgoil a tha a’ tairgsinn fòghlam troimh mheadhan na Gàidhlig com-pàirt a ghabhail anns an rannsachadh seo. Bithidh ur com-pàirteachas na thaic mhòr dhuinn. Bu choir gun leig an t-eòlas a chruinnicheas sinn le luchd-teagaisg troimh mheadhan na Gàidhlig an cuid obrach a neartachadh le bhith ag aithneachadh duilgheadasan leughaidh aig ìre thràth.

Tha sinn do-labhairte taingeil airson ur taic anns an rannsachadh seo. Mur a bitheadh luchd-teagaisg an-sàs ann, cha bhitheadh e comasach dhuinn ar n-obair a choileanadh.
Tha an duilleag fiosrachaidh airson luchd-teagaisg agus sgoiltean a’ mìneachadh de bhitheas e ciallachadh dhuit a bhith an-sàs anns an rannsachadh agus gheibhear barrachd eòlais air a’ phroiseact an sin cuideachd.