Is e ar n-amas sgilean leughaidh cloinne a thomhas rè na bun-sgoile. Bu mhiann leinn sgoilearan ann am prìomhan 3,4,5,6,7 a bhith gabhail pàirt ach tha sin an urra ribhse is ri ur pàiste. Thèid faighneachd do gach pàisde a bheil iad deònach a bhith gabhail pàirt aig toiseach gach seisein.
Gheibhear barrachd eòlais air dè tha tachairt ann an seisean anns a’ bhileig fiosrachaidh airson phàrantan.

Tha an rannsachadh seo air ceud modhannach fhaighinn bho Oilthigh Mhanchester. Tha sinn air cead fhaighinn bhon Ùghdarras Ionadail agaibh agus tha an sgoil agaibh air aontachadh pàirt a ghabhail anns an rannsachadh. Bithidh gach neach a thig an làthair nam pàistean air ballrachd PVG fhaighinn bho Disclosure Scotland.
Cuiribh fios gu Sarah no Fiona aig an t-sèoladh os ìosal ma tha ceistean agaibh no iarrtas air barrachd fiosrachaidh.